’S e staid fad-bheatha a th’ ann an òtasam a tha ag atharrachadh mar a tha an eanchainn a’ fàs agus ag obair.
Tha a’ chuid as motha de dh’eòlaichean den bheachd nach eil aon rud a-mhàin ag adhbhrachadh òtasam, agus uaireannan faodaidh e a bhith a-rèir gintinneachd. Tha e a’ tòiseachadh ro bhreith phàiste, fiù ’s mura tèid aithneachadh airson beagan bhliadhnaichean. CHAN EIL òtasam air adhbhrachadh le droch phàrantachd, banachdaichean, tinneas, daithead no dochainn.
Chan eil leigheas ann, agus chan eil feum air leigheas a bhith ann. Chan eil rud sam bith a tha a’ leigeil air gur e leigheas a th’ ann ag innse na fìrinn.
Faodaidh duine de ghnè sam bith, dath craiceann sam bith air, cultar sam bith, bho thùs sam bith no creideamh sam bith a bhith òtasamach.
Chan urrainn, tha eòlas agus comasan dhaoine òtasamach ag atharrachadh tro am beatha, mar a h-uile duine, ach bidh iad òtasamach a-chaoidh. ’S e pàirt chudromach a th’ ann an òtasamach de dhearbh-aithne dhaoine.
’S urrainn dha daoine òtasamach deagh rudan a dhèanamh, coltach ri daoine nach eil òtasamach. ’S e an aon diofar gur faodadh gun dèan iad cuid de rudan ann an dòigh eadar-dhealaichte.
Chan eil e gan cuir tro chèile.
Chan eil. Dh’fhaodadh gum bi duilgheadasan aig clann òtasamach le cànan, ach ’s urrainn dhaibh fhathast barrachd air aon chànan ionnsachadh. Ma dh’fhaoidte gun toir iad beagan nas fhaide, ach tha seo cumanta airson clann dà-chànanach sam bith.
Fiù ’s mura bheil do phàiste a’ bruidhinn, faodaidh iad fhathast barrachd air aon chànan a thuigsinn. Ma dh’fhaoidte gu bheil e doirbh airson do phàiste a bhith a’ tuigsinn cànan cuideachd, ach chan eil buaidh aig bruidhinn ri do phàiste ann am barrachd air aon chànan air an uiread a tha iad a’ bruidhinn no a’ tuigsinn. Cha dèan e cron air do phàiste ma tha thu a’ bruidhinn riutha ann am barrachd air aon chànan.
Cha bu chòir, bu chòir dhut bruidhinn anns a’ chànan anns a bheil thu as cofhurtaile. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil seo as fheàrr airson pàrantan agus clann.
Chan eil e a’ dèanamh cron air sgilean smaoineachaidh agus ionnsachaidh do phàiste ma tha iad a’ fàs suas le barrachd air aon chànan.
Tha iomadh rud math ann! Cuidichidh do chànan do phàiste gus càirdeas a thogail le an teaghlach agus an coimhearsnachd. Faodaidh e cuideachd a bhith fìor mhath airson am beatha san àm ri teachd. Tha eòlas air barrachd air aon chànan a’ cuideachadh le bhith a’ tuigsinn dhaoine, a’ faighinn an cothrom air cur-seachadan ùra, agus a’ faighinn obair.